Rabhadh mu dhràibheadh fon deoch aig RockNess
- Published
image copyrightOther
Le dìreach dà là ri dhol mus tòisich an fhèis chiùil RockNess, tha Poilis a' Chinn a Tuath a' toirt rabhaidh gum bi iad ag amas air duine sam bith a dh'fheuchas ri dràibheadh fo bhuaidh na dibhe, no fo bhuaidh dhrogaichean, thairis air an deireadh sheachdain.
Tha poilis a' cur an cuimhne dhaoine gum faodadh duine fhathast a bhith fo bhuaidh na dibhe fiù 's dusan uair de thìde às dèidh dhaibh a bhith ag òl.
Tha iad cuideachd a' comhairleachadh do dhaoine beachdachadh air an càr fhàgail aig an taigh.
Tha seirbheisean còmhdhail air an cur air dòigh do dhaoine a tha a' dol chun na fèise.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh