Gearainnean mu aiseag Shàbaid

MV Hebrides aig cidhe an Tairbeirt
Image caption Thig an co-chomhairleachadh gu crìch seachdain bho Dhihaoine.

Tha feadhainn a' gearain nach deach ùine gu leòr a thoirt dhaibh na beachdan aca a chur air adhart ann an co-chomhairleachadh Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn air aiseag Sàbaid eadar Tairbeart na Hearadh agus Ùige anns an Eilean Sgitheanach.

Tha mòran a tha an sàs ann an obair turasachd ag ràdh gu bheil barrachd sheirbheisean aiseig a dhìth eadar Loch nam Madadh, an Tairbeart agus Ùige.

Tha CalMac an-dràsta ag iarraidh bheachdan dhaoine air seirbheisean ùra airson oidhche Haoine agus feasgar na Sàbaid.

Crìochnaichidh an co-comhairleachadh seachdain bho Dhihaoine.

Seòlaidhean a bharrachd

"Cha dh'fhuair a' Chomhairle Coimhearsnachd cothrom coimhead air seo fhathast, 's cha chuala mise guth air seo gu an-dè," thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Deas na Hearadh, Hamish Mac an Tàilleir.

"Ach gu pearsanta, chan eil e a' cur iongnadh sam bith ormsa gu bheil seo a' tachairt, dh'fhaodadh làn-dùil a bhith againn ris.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil e leth fada gu leòr. Tha mi a' faicinn gu bheil iad airson seo a thòiseachadh aig deireadh na mìos seo.

"Tha sin tuigsinneach gu leòr, o chionn 's ann an uair sin a tha a' chùis a' sìor fhàs trang.

"Ach chan urrainn gur ann a-nise a tha iad air sin a thuigsinn agus sin fhaicinn.

"Agus ged a tha iad ag ràdh gu bheil iad a' cur an comhairle ris an t-sluagh chan eil iad a' toirt ùine don t-sluagh an inntinnean a chur ri chèile.

"Agus chan eil iad a' toirt ùine dhaibh fhèin nuair a gheibh iad fios bhon t-sluagh beachdachadh air na freagairtean a bheir an sluagh dhaibh.

"Tha sin a' fàgail ceist na m'inntinnse, gu dè am feart a tha dùil aca a thoirt air baraill an t-sluaigh co-dhiù?

"Tha feum air barrachd sheòlaidhean, tha sin fìor. Tha fhios agam gu bheil sinne air a bhith ag iarraidh barrachd de chothroman siubhail as t-Samhradh agus anns a' Gheamhradh.

"Agus tha mi làn-chreidsinn gum biodh duilgheadas aca bàta a lorg a cheadaicheadh bàta a bhith a' frithealadh an Tairbeirt, agus tè eile a bhiodh a' frithealadh Loch nam Madadh air leth.

"Ach tha mi a' faicinn an-dràsta gu bheil e furasta gu leòr leotha seirbheis anmoch a ruith eadar Loch nam Madadh agus Ùige oidhche Dihaoine.

"Ach chan eil guth an sin air sin a dhèanamh eadar an Tairbeart agus Ùige air oidhche Dimàirt no air oidhche Diardaoin, no air oidhche Disathairne," thuirt e.

Chan eil Mgr Mac an Tàilleir den bheachd gum faigh a' Chomhairle Coimhearsnachd cothrom coinneachaidh ann an àm airson freagairt a chur chun a' cho-chomhairleachaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile