Dragh mu chùmhnantan togail sna h-Eileanan
- Air fhoillseachadh

Sgrìobhaidh Caidreachas Luchd-togail na h-Alba gu Comhairle nan Eilean Siar, agus dragh orra mun dà chùmhnant mhòr phoblach anns na h-Eileanan a tha fhathast gun chrìochnachadh.
Bha na cùmhnantan aig a' chompanaidh UBC, a chaidh fodha.
'S iad na cùmhnantan dachaigh chùraim ùr sna Hearadh, luach suas ri £5m, agus sgeama taigheadais ann an Steòrnabhagh luach £3.5m.
Tha ceist ann a-niste mu mar a thèid dèiligeadh ris a' chompanaidh ùir, UB Hebrides, a tha ag amas air na cùmhnantan sin a ghabhail thairis.
Fiachan
Tha an Caidreachas ag iarraidh soillearachaidh air a' phròiseas tro an deadh an obair a thoirt seachad, agus an suidheachadh le UB Hebrides.
Tha tomhais de dhragh anns na h-Eileanan mu na cùmhnantan, a dh'fhaodadh obair a chumail ri feadhainn de na 90 duine a chaill an cosnadh anns an sgìre nuair a chaidh UBC fodha.
Tha e air tighinn am follais gun do dh'fhàg UBC na h-uidhir de dh'fhiachan air an cùlaibh anns na h-Eileanan.
Tha aon chompanaidh le fiachan £40,000 orra, agus companaidh eile air a bheil fiachan £42,000, a thuilleadh air feadhainn eile.
Tha an Caidreachas airson a bhith cinnteach gun tèid an gnothach a làimhseachadh ann an dòigh a tha cothromach do na companaidhean togail eile agus don fheadhainn a chaidh fhàgail le fiachan.
Chuir a' Chomhairle fiosrachadh a-mach an t-seachdain seo a tha ga dhèanamh soilleir gum feum a h-uile rud a dhol tro luchd-rianachd UBC, Zolfo Cooper.
Dhèanadh iadsan cinnteach gun robh a h-uile càil cothromach mus toireadh iad an gnothach air adhart chun na Comhairle.
Dhèanadh a' Chomhairle an uair sin sgrùdadh feuch a bheil a h-uile càil a' tighinn a rèir nan riaghailtean aca fhèin.
Thuirt fear-labhairt às leth na Comhairle nach eil iad air co-dhùnadh sam bith a dhèanamh a dhol sìos rathad sam bith aig an ìre seo.
Thuirt e cuideachd gur e an rud as cudromaiche dhan Chomhairle gun tèid Taigh na Hearadh a chrìochnachadh cho luath 's a ghabhas, agus air a' phìs as ìsle a ghabhas.
'S iad Com-pàirteachas Taigheadais Innse Gall a tha an urra ris an sgeama taigheadais ann an Steòrnabhagh, ach thèid an aon fhiosrachadh laghail a thoirt dhaibhsan agus a thèid a thoirt don Chomhairle mun t-suidheachadh.