Sùil as ùr air curfew Inbhir Nis

Pinnt leanna Image copyright vt freeze frame
Image caption Chuireadh an casg an sàs ann an 2003 gus smachd a chumail air an deoch sa bhaile.

Thèid sùil as ùr a thoirt air riaghailt a tha a' casg taighean-òsta bho bhith a' leigeil dhaoine a-steach a dh'òl às dèidh meadhan oidhche.

Chaidh an casg a thoirt a-steach ann an 2003 mar dhòigh air ceannsail a chumail air daoine leis an deoch, agus faochadh a thoirt do dhràibhearan tacsaidh.

Ach tha cuid de na h-ostairean ag ràdh gu bheil sin a' fàgail daoine a' coiseachd a-mach às dèidh 11:00f.

Tha Bòrd Ceadachd na Gàidhealtachd gus coinneachadh an ath-sheachdain agus beachdaichidh iad co-dhiù bu chòir a' chùis atharrachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile