Ceist mu stèiseanan smàlaidh
- Air fhoillseachadh

Chuala Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu bheil còig stèiseanan smàlaidh coimhearsnachd san sgìre nach eil fhathast aig ìre a tha freagarrach airson an cumail a' dol.
Choinnich am Bòrd son a' chiad uair bho chaidh comhairlichean ùra a thaghadh nam buill.
'S e cothrom a bh' ann cluintinn mu mar a tha a' dol dhan t-seirbheis, is Coimisean nan Cunntasan air càineadh a dhèanamh oirre ann an aithisg nas tràithe air a' bhliadhna.
Thog iad grunn cheistean mu thrèanadh smàladairean agus mu shlàinte is sàbhailteachd, am measg eile.
Dh'innis àrd-oifigearan smàlaidh dha na buill gu bheil iad a' dèanamh oidhirp gus an t-seirbheis a ghluasad a-mach às an staing sin.
Adhartas
Tha iad air adhartas a dhèanamh le trèanadh agus sàbhailteachd thogalaichean leithid ospadalan agus dachaighean cùraim.
A dh'aindeoin sin ge-tà, chaidh innse nach eil na stèiseanan smàlaidh ann an Slèite, Coit a' Ghartain, Foula is Out Skerries ann an Sealtainn, is Flotta ann an Arcaibh aig an ìre a bu chòir.
Chuala am Bòrd Smàlaidh gun tèid feuchainn ris na stèiseanan air fad a thoirt gu ìre.
Tha ceist ann cuideachd mu dhèidhinn cò nì rannsachadh air ciamar a chaidh an t-seirbheis cho fada ceàrr sa chiad dol a-mach.
Cho-dhùin seann Bhòrd Smàlaidh na Gàidhealtachd gur e rannsachadh neo-eisimeileach a bhiodh ann, air a dhèanamh le comhairle eile, ach thuige seo cha d'fhuaireadh buidheann.
Thèid oidhirp eile a dhèanamh comhairle eile a lorg a nì an sgrùdadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An Gearran 2012