Teine sa Ghearradh Chruaidh

Bha luchd-smàlaidh bho air feadh Leòdhais agus na Hearadh a' strì ri teine sa Ghearradh Chruaidh ann an Steòrnabhagh aig an deireadh-sheachdain.

Image caption Thòisich an teine Dihaoine.

Sgap an teine air a' mhòintich Dihaoine agus tha e air craobhan a sgrios.

Chaidh a ràdh gun robh a' ghaoth a' cur bacadh air an luchd-smàlaidh.

Dh'obraich iad grunn uairean a thìde oidhche Haoine gus smachd fhaighinn air.

Chuir luchd-smàlaidh uisge air a' mhòintich Disathairne son dèanamh cinnteach nach tòiseachadh an teine a-rithist.