Gearainnean mu iolairean mara

  • Air fhoillseachadh
Caoraich is uainTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tha cuid de chroitearan nach eil a' fulang call ri linn nan iolairean.

Tha croitearan anns an Eilean Sgitheanach a' gearain nach eil iad a' faighinn èisteachd agus iad draghail mu iolairean mara a bhith a' gabhail nan uan aca.

Tha iad ag ràdh gu bheil an cron a tha na h-eòin a' dèanamh air an stoc aca nas miosa na chaidh a dhearbhadh ann an sgrùdadh.

Chaidh na h-eòin à bith ann an Alba ann an 1918, ach chaidh an tilleadh gu taobh siar na Gàidhealtachd bho Nirribhidh anns na 1970an.

Tha Dualchas Nàdarra na h-Alba (SNH) ag ràdh gu bheil còir aig na h-eòin a bhith san sgìre.

Deuchainn

Tha na h-iolairean mara nan tarraing mhòr do luchd-turais, agus còrr is 50 paidhir dhiubh a' neadachadh eadar an t-Eilean Sgitheanach, Eilean Ruim, Muile agus Ros an Iar.

Tha iad cuideachd a-niste air an leigeil ma-sgaoil ann am Fìobha.

"Chaill sinn tòrr leis an iolaire ag obair orra. Chanainn-sa 's dòcha eadar 50% agus 60% de na h-uain, tha iad a' falbh," thuirt Iain Aonghas MacCusbaig, aig a bheil mu 300 beathach ann an Tobht' Artair.

"Tha na caoraich a' falbh. Tha iad a' marbhadh nan uan, agus an uair sin chan eil othaisgean againn airson cumail airson stoc.

"Tha na caoraich a' dol sìos, 's dol sìos, 's dol sìos, agus chan eil mise a' faicinn dòigh a-mach às ach airson na h-iolairean a tha siud a thoirt air falbh," thuirt e.

Bidh Mgr MacCusbaig a-nis a' cumail nan caorach aige a-staigh, seach am fàgail air a' bheinn aig àm breith nan uan.

Chan eil e na aonar, agus croitearan eile ag ràdh an aon rud, le figearan coltach ris na th' aigesan.

Tùs an deilbh, PA/RSPB na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,
Gheibh croitearan airgead-dìolaidh airson na h-eòin fhulang ann an sgìrean croitearachd.

Tha cuideachd ge-tà, feadhainn nach eil a' fulang. Tha aon chroitear a chomharraich còrr is 500 uan am bliadhna, gun na h-iolairean a bhith a' toirt cus buaidh air an stoc aige.

Tha SNH ag aideachadh nach robh fios aca aig an àm a thòisich iad air na h-iolairean mara a thoirt a dh'Alba anns na 70an dè a' bhuaidh a bhiodh aca air stoc.

"Gun teagamh ann an Nirribhidh, cha robh trioblaid mhòr ann riamh leis na h-iolairean a bhith a' gabhail gnothaich ris na h-uain," thuirt Ross Lilley bho SNH.

"Cha robhas a' sùileachadh gum biodh e na thrioblaid aig an àm, tha mi an dùil. 'S e deuchainn a bh' ann dha-rìribh," thuirt e.

Chan eil SNH a' dol às àicheadh gum bi na h-eòin a' marbhadh uan.

Ach rinn iad dà sgrùdadh, le co-obrachadh chroitearan a fhuair glè bheag de dh'fhianais gun robh sin a' tachairt.

Chan eil fianais shaidheansail aig na croitearan, ach beul-aithris, nach seasadh gu h-oifigeil ged a bhitheadh sgrùdadh eile ann.

Barrachd Chluasan

Cha robh an iolaire ag obair air stoc Dhòmhnaill Dhòmhnallaich, a bha uair na Stiùiriche air Caidreachas na Croitearachd.

Tha esan ge-tà, a' càineadh na buidhne, agus ag ràdh gur beag na tha iad a' dèanamh air sgàth nan croitearan mun ghnothach.

"Tha e coltach, aon de na h-adhbharan a bha Strì an Fhearainn ann, gur e nach robh an fheadhainn a bha còir a bhith a' riochdachadh nan croitearan an uair sin, gan riochdachadh mar a bu chòir dhaibh," thuirt e.

"Agus ma ghabhas càil idir cur às leth Chaidreachas na Croitearachd an-dràsta, sin aon nì nach gabh àicheadh.

"Chan eil iad a' riochdachadh nan croitearan an-dràsta mar a bu chòir dhaibh, agus mar a bhiodh a chum buannachd nan croitearan," thuirt e.

Chaidh an Caidreachas an sàs ann an sgeama ann an co-bhuinn leis na buidhnean glèidhteachais, a tha ag amas air dìon a chur air na h-eòin agus airgead-dìolaidh a thoirt seachad airson a bhith a' fulang nan eun ann an sgìrean croitearachd.

Chan eil sin a' còrdadh ris a h-uile duine ge-tà.

"Chan eil sinn ag iarraidh an airgid. 'S e na tha sinn ag iarraidh ach na h-uain a bhith sàbhailte mar a b'àbhaist dhaibh a bhith," thuirt Dòmhnall MacFhionnghuin, aig a bheil caoraich ann an Gleann Dail.

"Chan eil fhios agam dè am freagairt a th' ann, tha e gu math doirbh. Nuair a thòisich e an toiseach bha sinn a' bruidhinn ris na Buill-Phàrlamaid, Aonadh nan Croitearan, 's a h-uile duine a bh' ann.

"Ach tha an RSPB, tha barrachd chluasan acasan na th' againne," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh