Deasbad ga iarriadh mu bhàt-aiseig ùr

MV Isle of Lewis Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha an Isle of Lewis air a bhith ann an seirbheis bho 1995.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh cothrom deasbad dè na goireasan a bhios air bòrd a' bhàta ùir a thèid an àite an Isle of Lewis agus a' Mhùirneig air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an t-seachdainn a chaidh gun tòisicheadh aiseag ùr, a chosgas £41.8m, air an t-slighe ann an 2014.

Tha dùil gum bi an t-aiseag ùr nas luaithe, nas fheàrr dhan àrainneachd agus nas èifeachdaiche a thaobh na chleachdas i de chonnadh na tha an dà bhàta a tha a' frithealadh na slighe an-dràsta.

Thathas cuideachd a' gealltainn gum bi i comasach air ruith ceithir uairean fichead san là, ma bhios sin a dhìth, agus gum bi i nas fheàrr air seòladh ann an droch aimsir.

"Fàilte mhòr"

Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, gu bheil iad a' cur fàilte mhòir air an aiseag ùr.

"Tha sinn feumach air gum biodh bàta dhan t-seòrsa seo air a thighinn thugainn airson cha robh am bàta a bh' againn airson a' charagò freagarrach bhon là a thàinig i", thuirt e.

Tha mòran ghearainnean air a bhith ann thar nam beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh mu cho tric 's a tha an t-aiseag-bathair am Mùirneag, a sheòlas air an oidhche, air a bhith dheth.

Thuirt Ministear na Còmdhail, Cè Mac IlleDhuinn, gum fuiricheadh an Isle of Lewis airson greis às dèidh dhan aiseag ùr tòiseachadh, gus an deadh dearbhadh gu robh an tè ùr a' riarachadh an fheadhainn a bha ga cleachdadh.

Beachdachaidh Comataidh Còmhdhail na Comhairle Diciadainn air fiosrachadh a fhuair iad bho Riaghaltas na h-Alba mun bhàta ùr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile