Glaschu nan Gàidheal

Taigh-tasgaidh na Caol-aibhne Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thug a' chuairt bliadhna ri ullachadh, 's thathas am beachd a chumail a' dol aig tachartasan mòra.

Ma tha ùidh aig daoine ionnsachadh mun bhuaidh a tha na Gàidheil air a thoirt air baile Ghlaschu, tha an t-ionnsachadh sin dìreach an dèidh fàs nas fhasa.

Chuir a' bhuidheann, An Lòchran, a tha an sàs ann an adhartachadh na Gàidhlig sa bhaile, tursan-bus air dòigh, a sheallas do dhaoine àiteachan ann an Glaschu a th' air a bhith cudromach do na Gàidheil, agus air an tug na Gàidheil buaidh.

'S ann tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla a tha an turas, agus e ga ruith an-dràsta mar phàirt de dh'Fhèis Taobh an Iar Ghlaschu.

Tha pailteas eachdraidh Ghàidhealaich ann an Glaschu, ach chan eil i cho follaiseach 's a dh'fhaodadh i a bhith.

"Dh'fheumainn a ràdh nach eil e furasta mar gum biodh an eachdraidh seo a chladhach," thuirt Coinneach MacIllEathainn, a chuir an turas air dòigh, agus a tha na Fhear-iùil air.

"Tha i ann, ach chan eil i ann an aon àite, feumaidh tu a bhith a' siubhail thall 's a-bhos son na fiosrachaidhean fhaighinn gu dòigheil agus ceart.

"Bha agam fhèin 's aig An Lòchran ri bhith ag obair suas ri bliadhna airson seo a chur air chois agus a lìbhrigeadh, agus tha mi uabhasach toilichte leis a' chuideachadh a fhuair mi bhon Lòchran airson seo a dhèanamh," thuirt e.

Thug na bha de mheasagachadh dhaoine a' gabhail a' chiad turais misneachd do dh'Oifigear Leasachaidh Ealain an Lòchrain, Donnchadh MacNèill.

"Tha mi a' smaointinn gun do chòrd e ri daoine. Fhad 's a bha sinn a' dol timcheall air a' chuairt, bha mi a' coimhead air daoine, agus a rèir a' choltais a bh' air an aodannan bha e a' còrdadh riutha.

"Bha iad a' gàireachdainn nuair a bu chòir dhaibh a bhith a' gàireachdainn, 's bha iad ag èisteachd gu dlùth nuair a bha còir aca.

"Ach cuideachd daoine a' coimhead a-mach na h-uinneagan agus a' coimhead air na togalaichean air an robh Coinneach a' bruidhinn, a' coimhead air an abhainn 's a h-uile sgàth mar sin.

"An rud a bha inntinneach mu dheidhinn an-diugh, 's e gun robh measgachadh de dhaoine, de dh'aoisean, air a' chuairt.

"Chan e dìreach seann daoine, ach daoine òga cuideachd, agus 's e rud gu math fhèin fallain a bha sin tha mi a' smaointinn.

"Air sàilleabh 's gu bheil sinn a-niste air a chruthachadh, 's e pròiseact leantainneach a bhios an seo.

"Bidh e a' gabhail àite aig tachartasan mòra leithid Piping Live, Celtic Connections, ach cuideachd ma tha daoine airson tighinn thugainn airson cuairt iarraidh, 's urrainn dhuinn sin a dhèanamh cuideachd," thuirt e.

Bidh cothrom eile ann turas a ghabhail Disathairne seo tighinn (16mh an t-Ògmhios), a' fàgail bhon Lèanag air Shràid Achadh a' Mhansa ann am Partaig aig 10:00m.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile