Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mosgo

Tha sluagh de mhìltean mòra air cruinneachadh ann am Mosgo aig a' chiad chaismeachd an aghaidh Vladimir Putin bho chaidh esan a stèidheachadh mar cheann-suidhe san Ruis air a' mhìos a chaidh. Tha an fheadhainn a chuir a' chaismeachd air dòigh ag iarraidh taghaidhean as ùr, agus iad ag ràdh gun tug Mgr Putin buaidh air co-dhùnadh na bhòt.

Siria

Tha dragh air an UN mu aithrisean ann an Siria gu bheil feachdan an Riaghaltais an sin a' cleachdadh cloinne airson dìon a chur orra fhèin. Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil feachdan an Riaghaltais a' cur cloinne nan suidhe air tancaichean gus nach tèid losgadh orra. Agus tha Àrd-Rùnaire an UN, Ban Ki-Moon, ag ràdh gu bheil dragh airsan mun dòigh sa bheil an t-sabaid air a bhith a' leudachadh bho chionn là no dhà.

An NHS

Thàinig lùghdachadh mòr air cho riaraichte 's a tha am mòr-shluagh le seirbheis an NHS ann an Sasainn, an Alba agus anns a' Chuimrigh. Fhuair an sgrùdadh air beachdan sòisealta mhuinntir Bhreatainn gur e 58% den t-sluagh a bha riaraichte le stiùireadh an NHS, an coimeas ri 70% ann an 2010. Thuirt Roinn na Slàinte ge-tà, gu bheil an sgrùdadh a tha iadsan a' dèanamh air beachdan euslainteach a' toirt dealbh gu math eadar-dhealaichte dhaibh.

Oidhirp air Murt

Tha Poilis ann an Àird Rosain ann an Siorrachd Àir a' rannsachadh oidhirp air murt sa bhaile an-raoir. Chaidh fios air na Poilis mu 8:25f gun robh duine na laighe air sràid le droch leòn mu a cheann. Tha am fireannach, a tha 18 bliadhna de dh'aois, ann an staid èiginneach ann an Ospadal an Southern General ann an Glaschu.

Na Feachdan Armaichte

Thèid innse do mu 4,000 de luchd-obrach nam feachdan armaichte an-diugh gu bheil iad a' call an cosnadh. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag amas air lùghdachadh de 17% sna feachdan armaichte thairis air an ath chòig bliadhna.

Bàt-aiseig Ùr

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh cothrom beachdan a chur ris an deasbad mu na goireasan a bhios air a' bhàt-aiseig ùr a thèid an àite an Isle of Lewis, agus am Mùirneag eadar Steòrnabhagh agus Ulapul. Bidh Comataidh Còmhdhail na Comhairle a' beachdachadh a-màireach air an fhiosrachadh a fhuair iad bho Riaghaltas na h-Alba mun bhàta ùr.