Bàta-slaodaidh a' tilleadh a dh'Alba
- Air fhoillseachadh

Chaidh an dà shoitheach a bh' ann roimhe a thoirt às seirbheis am bliadhna.
Dhearbh Oifis na h-Alba gum bi bàta-slaodaidh stèidhichte ann an uisgeachan na h-Alba a-rithist, agus gum pàigh an Riaghaltas air a son.
Ach cha bhi ann ach aon bhàta, seach a dha bh' ann roimhe.
Chan eil fios fhathast càite am bi am bàta stèidhichte, leis an Riaghaltas ag ràdh gur dòcha nach bi i sa Chuan Sgith fad na h-ùine, 's gum bi i a' frithealadh sgìre nas fharsainne.
Tha Comhairle nan Eilean Siar air fàilte a chur air an naidheachd cuideachd, ag ràdh gun robh an Riaghaltas air èisteachd ris na h-argamaidean a rinn iad fhèin agus buidhnean eile.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh