Ath-sgrùdadh air curfew Inbhir Nis

Fear ag òl leanna Image copyright PA
Image caption Tha cuid ag ràdh gu bheil an casg a' toirt droch ìomhaigh sheann-fhasanta air a' bhaile.

Dhearbh Bòrd Ceadachd na Gàidhealtachd gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air ''curfew'' Inbhir Nis.

Chaidh an riaghailt chonnspaideach a chur an sàs ann an 2003, agus tha e a' casg dhaoine bho bhith a' faighinn a-steach do thaighean-seinnse agus clubaichean-oidhche sa bhaile às dèidh meadhan oidhche.

Tha gearainnean ann gu bheil e a' call gnìomhachas do thaighean-seinnse, agus gu bheil e a' toirt droch ìomhaigh sheann-fhasanta air a' bhaile.

Ach, nì Bòrd Ceadachd na Gàidhealtachd ath-sgrùdadh a-nis air am bu chòir dhan chasg a bhith air a thogail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile