Cha ghluaisear Sgoil-àraich Bharraigh

  • Air fhoillseachadh
Bàgh a' ChaisteilTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Bheir an làn-Chomhairle sùil air a' cheist a-rithist an ath-sheachdain.

Bhòt Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar an aghaidh Sgoil-àraich Bharraigh a ghluasad.

Rinn a' Chomhairle conaltradh agus iad a' moladh a gluasad às Ionad na Cloinne gu Bun-sgoil Bhàgh a' Chàisteil.

Ach, chaidh gabhail Dimàirt ri iarrtas cùisean fhàgail mar a tha iad.

Bidh an làn-Chomhairle a' coimhead ris a' cheist an t-seachdain seo tighinn.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh