Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iorac

Thuirt poilis ann an Iorac gun deach suas ri 80 duine a mharbhadh agus còrr is 200 duine a leòn ann an sreath de bhomadh agus ionnsaighean-gunna. Bha na h-ionnsaighean sa phrìomh bhaile Baghdad, agus ann an ceann a deas na dùthcha, 's iad ag amas air buidhnean Shia.

Rebekah Brooks

Chaidh Rebekah Brooks a bha na deasaiche air a' phàipear-naidheachd an Sun, agus an News of the World, agus an duine aice Teàrlach, mu choinneimh na cùirte an-diugh fo chasaid gun do dh'fheuch iad ri bacadh a chur air ceartas. Chaidh a' Bh.Ph. Brooks a chur fo chasaid air a' mhìos seo chaidh, mar phàirt de rannsachadh nam Poileas mu fharchluais air fònaichean. Chaidh i fhèin agus an duine aice a leigeil ma sgaoil air urras airson a dhol mu choinneimh na cùirte a-rithist ro dheireadh na mìos seo.

Hunt

Dh'iarr Nick Clegg air na Buill-Phàrlamaid Lib-Deamach aige gun pàirt a ghabhail ann am bhòt ann an Taigh nan Cumantan an-diugh air an dòigh anns an do làimhsich Rùnaire a' Chultair, Jeremy Hunt, oidhirp Rupert Murdoch air BSkyB a ghabhail thairis. Tha na Làbaraich ag iarraidh rannsachaidh a dh'fhaicinn an do thaobh Mgr Hunt ri News Corporation aig Rupert Murdoch, nuair a cho-dhùin e nach robh feum air ùghdarrasan na farpaise anns a' chùis.

Siria

Tha luchd-iomairt ann an Siria ag ràdh gun robh tuilleadh fòirneirt agus bàis ann an-diugh. Chaidh aithris gun deach na h-uidhir de dhaoine a mharbhadh ann an Deraa ann an ceann a deas na dùthcha, far a bheil feachdan an Riaghaltais a' losgadh air a' bhaile.

Rangers

Tha am fear-gnothaich Teàrlach Green a tha am beachd Rangers a cheannach a' fàgail air Roinn na Cuspain agus na Cìse (HMRC) gun tug iad a' char às a' chluba le bhith a' diùltadh aonta CVA airson an toirt a-mach à rianachd. Thuirt Mgr Green gum feum a-niste Rangers a stèidheachadh mar chompanaidh ùir, agus gum feum iad a bhith an dòchas cuideachd gum bi an SPL agus Comann Buill-choise na h-Alba deònach àite a thoirt dhaibh san Lìog air an ath-sheusan.

Sgoiltean Eileanach

Tha cuid de chomhairlichean nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil dòchas ann fhathast ceithir sgoiltean a chumail fosgailte, ged a thug co-dhùnadh cùirte an t-seachdain seo chaidh cead do Chomhairle nan Eilean Siar an dùnadh. 'S ann air bhòt Chathraiche a cho-dhùin Comataidh an Fhoghlaim an-raoir gabhail ri breith na cùirte, ach tha a' chùis fhathast a' crochadh air an làn-Chomhairle an ath-sheachdain, agus air an dèan Riaghaltas na h-Alba ath-thagradh.

Leveson

Thèid am Prìomh Mhinistear a cheasnachadh an-diugh mu a chàirdeas ri Rupert Murdoch. Tha Ailig Salmond gu bhith a' toirt fiosrachaidh do Rannsachadh Leveson ann an Lunnainn air dòighean-obrach nam meadhanan naidheachd.