Fir-tàileisg gu bhith an Leòdhas làn-ùine

Na Fir-tàileisg Image copyright Other
Image caption Fosglaidh an taigh-tasgaidh ùr agus an taisbeanadh ann an 2014.

Thèid sia de na Fir-tàileisg ìbhiridh ainmeil a chaidh a lorg air tràigh ann an Ùige Leòdhais san 19mh Linn, a thaisbeanadh gu làn-ùine aig taigh-tasgaidh ùr ann an Caisteal Leòdhais.

Fosglaidh an taigh-tasgaidh ùr ann an 2014, agus thèid na fir-tàileisg a ghluasad ann bhon Taigh-tasgaidh Bhreatannach ann an Lunnainn.

Chaidh an t-aonta a ruighinn ri linn com-pàirteachais fhoirmeil eadar Comhairle nan Eilean Siar agus an Taigh-tasgaidh Breatannach.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad mothachail air cho cudromach 's a tha e cothrom a thoirt do mhuinntir nan Eilean air rudan prìseil ionadail fhaicinn.

Thathas cuideachd a' sùileachadh gun tig barrachd dhaoine a thadhail air na h-Eileanan gus na Fir-tàileisg fhaicinn.

"Tha a' Chomhairle gu mòr airson dualchas beartach nan Eilean Siar a chur fo chomhair barrachd dhaoine," thuirt Cathraiche an Leasachaidh Mhaireannaich aig a' Chomhairle, Eardsaidh Caimbeul, agus e a' foillseachadh na naidheachd.

"Chan eil teagamh nach bi na pìosan beaga iongantach seo nan tarraing mhòr do luchd-turais ùra, agus aon uair 's gu bheil iad an seo, chì iad gu bheil fada a bharrachd ri fhaicinn, ri mhealtainn agus ri ionnsachadh.

"'S e an dualchas fear de na rudan as prìseile a th' againn sna h-Eileanan, agus thèid togail air na tha e a' cur ri eaconamaidh na sgìre," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile