Riaghaltas a' cur an aghaidh ath-bhreithneachaidh

  • Air fhoillseachadh
Sgoil Shiaboist
Fo-thiotal an deilbh,
Bha a' Chomhairle an dùil na sgoiltean a dhùnadh deireadh na mìos.

Cha tèid ceithir sgoiltean ann an Leòdhas is na Hearadh a dhùnadh aig deireadh na mìos mar a tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun dèan iad ath-thagradh an aghaidh ath-bhreithneachaidh Chùirt an t-Seisein a thuirt gun robh iad ceàrr casg a chur air a' Chomhairle bho bhith a' dùnadh nan sgoiltean.

'S iad bun-sgoiltean Chàrlabhaigh agus Sheileaboist agus Àrd-sgoiltean dà bhliadhna Lionail is Shiaboist a tha a' Chomhairle airson a dhùnadh, agus iad ag ràdh gu bheil iad a' cosg cus airgid a chumail fosgailte.

Chan fhaod a' Chomhairle a-nis na sgoiltean a dhùnadh gus an tig breith air an ath-thagraidh a tha an Riaghaltas a' dèanamh.

Bhòtaidh an làn-Chomhairle air co-dhùnadh Cùirt an t-Seisein (a thaobhaich leothasan) an ath-sheachdain.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh