RET air na Caolasan

Aiseag Chaolas na Hearadh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha an sgeama a' cosg còrr air £20,000 sa bhliadhna don Chomhairle.

Iarraidh Comhairle nan Eilean Siar air Riaghaltas na h-Alba sgeama nam faraidhean saora (RET) a chur air Caolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh cho luath 's a ghabhas.

Tha an sgeama a' cosg còrr is £20,000 sa bhliadhna don Chomhairle.

Dh'aontaich Comataidh Còmhdhail na Comhairle Diciadain gun cuir iad às, tro ùine, dhan sgeama lùghdachaidh a tha a' Chomhairle fhèin a' ruith air na slighean sin do ghnìomhachasan aon uair 's gum biodh RET an sàs air na slighean.

Ach tha Cathraiche na Comataidh, Iain MacAoidh, ag ràdh gum bi an sgeama cosgail dhaibh gus an tachair sin.

"Tha an sgeama sin a' tighinn gu ceann, agus tha sinn ga ghearradh sìos pìos air pìos agus tha sinn a' sùileachadh gun tig an RET a-steach ann an dà bhliadhna no trì eile," thuirt e.

"Bu chaomh leinne gun tigeadh e a-steach nas luaithe na sin, agus tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn a dhol a bhruidhinn ris an Riaghaltas airson gum faic sinn gun dèanadh iad sin.

"Tha iad air a ghealltainn gun tigeadh e sa Phàrlamaid a tha seo, ach cuine, cha tuirt iad.

"Tha grunnan math de ghnìomhachasan a' cleachdadh an sgeama a tha seo, agus tha sinn a' tuigsinn gu bheil an tuilleadh ag iarraidh tighinn air.

"Tha e na chuideachadh airson nan gnìomhachasan beaga a th' againn fhèin anns na h-Eileanan eadar Leòdhas agus Barraigh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' dèanamh feum mhòir dhaibh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile