Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Bancaichean

Thèid luach nam billeanan not de dh'iasadan saora a thoirt dha na bancaichean mar dhòigh air an eaconamaidh a bhrosnachadh. Tha Banca Shasainn, agus an Riaghaltas deònach airgead a thoirt dha na bancaichean air riadh ìosal gus an toir na bancaichean an uair sin iasadan seachad do luchd-gnothaich agus do luchd-cleachdaidh. Tha na Làbaraich ag ràdh gu bheil an sgeama a' dearbhadh nach eil am poileasaidh eaconamach a th' aig an Riaghaltas an-dràsta ag obair.

Legionaires

Chaochaill an dàrna duine air na robh an galar Legionaires ann an Dùn Èideann. Bha an duine na 40 's a' fulang le trioblaidean slàinte eile. Tha 40 cùis dearbhte ann a-niste, agus amharas ann mu 48 cùisean eile.

Na h-Eileanan Fàclannach

Dh'innis Ceann-suidhe Argentina, Cristina Kirchner, dha na Dùthchannan Aonaichte nach eil còir sam bith aig Breatainn air na h-Eileanan Fàclannach, agus gum feum còmhradh tòiseachadh air uachdranas nan eilean. Thuirt Prìomhaire Bhreatainn, Dàibhidh Camshron, nach bi còmhraidhean sam bith ann.

Siria

Dhearbh an Ruis gun do rinn iad càradh air heileacoptairean airm Shiria, ach thuirt an Ruis nach eil iad iar heileacoptair ùr sam bith a chur gu ruige Siria a dh'aindeoin na tha na Stàitean Aonaichte ag ràdh. Tha luchd-iomairt ann an Siria ag ràdh gun deach còrr is 70 duine a mharbhadh ann an sabaid anns na bailtean beaga timcheall air Damascus an-dè.

Cùiltearachd

Chaidh boireannach à Breatainn aig a bheil dùil ri leanabh mu choinneimh cùirte ann am Pagastan fo chasaid gun do dh'fheuch i ri 60 cìlo de heroin a thoirt a-mach às an dùthaich. Bha Khadija Shah, a tha 25 bliadhna de dh'aois, agus a bhuinneas do Birmingham, sa chùirt ann an Rawalpindi còmhla ri dithis chloinne a tha ceithir agus còig. Tha lagh Phagastan a' cur binn bàis air duine a thèid a ghlacadh le còrr is 10 cìlo de dhroga mì-laghail.

Casg Dealbhan

Thuirt Ministear an Fhoghlaim, Mìcheal Russell, gur e gòraiche a bh' ann do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid casg a chur air nighean-sgoile a bha a' gabhail dhealbhanan de na dìnnearan-sgoile aice airson blog a tha i a' sgrìobhadh air an eadar-lìon. Tha mòranan mhilleanan dhaoine air tadhail air an làrach-lìn air an do thòisich Martha Payne, a tha naoi bliadhna de dh'aois, mar dhòigh air airgead a thogail do charthannas. Thuirt Mgr Russell air an làraich-lìn gum bi esan ag iarraidh air àrd-oifigear na Comhairle an casg sin a thogail.