Togail fianais aig Sgoil Chille Mhoire

  • Air fhoillseachadh
Clann-sgoile
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dùil ri tidsear ùr eile as t-Fhoghair am bliadhna, a rèir phàrantan.

Tha pàrantan chloinne aig Bun-sgoil Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach air a bhith a' togail fianais taobh a-muigh na sgoile Diluain.

Tha iad ag iarraidh tidsear Beurla air cùmhnant làn-ùine agus iad ag ràdh gu bheil seachdnar thidsearan ùra air a bhith san sgoil seachd bliadhna sreath a chèile air a' bhliadhna dheuchainn aca, agus gu bheil dùil ri tidsear ùr eile as t-Fhoghair.

Chan eil ach 17 sgoilearan anns an sgoil, agus a' chuid as motha dhiubh a' faighinn an oideachaidh tro mheadhan na Gàidhlig, le aon chlas sa bheil clann aois 5-11 a tha gan teagasg sa Bheurla.

Chan eil seo a chum maith foghlaim na cloinne, tha iad ag ràdh, agus tha iad a' cur às leth Comhairle na Gàidhealtachd nach eil an suidheachadh ach a' sàbhaladh airgid dhaibh.

Tha iad a' faighinn taic bhon Chomh. Drew Miller, agus a' feitheamh ri freagairt bho Stiùiriche an Fhoghlaim, Uisdean Friseal.

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle na Gàidhealtachd:"Tha a' Chomhairle fhathast gu mòr an sàs ann a bhith a' cur air dòigh thidsearan airson na h-ath-bhliadhna sgoile.

"Bha triùir thidsearan pròbhaidh aig Bun-sgoil Chille Mhoire anns na bliadhnaichean dh'fhalbh.

"Tha sinn fhathast ag obair a thaobh tidsearan a chur air dòigh airson a h-uile sgoil san sgìre againn, agus bruidhnidh sinn ri Ceannard na Sgoile agus Comhairle nam Pàrantan cho luath 's is urrainn dhuinn."

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh