Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Ghrèig

Tha am pàrtaidh New Democracy sa Ghrèig a' gealltainn gun cum iad an dùthaich anns an airgead shingilte Eòrpach. Ghlèidh am pàrtaidh an taghadh coitcheann, ach le glè bheag de mhòr-chuid feuchaidh iad ri riaghaltas co-bhanntachd a stèidheachadh. Thuirt ceannard a' phàrtaidh gu bheil an taghadh a' dearbhadh gu bheil muinntir na Grèige airson fuireach ann an sgìre an Euro. Ach tha dùil gun iarr a' Ghrèig faochadh bho chuid de na cùmhnantan a chuir an t-Aonadh Eòrpach orra. A dh'aindeoin na bhòta sa Ghrèig tha dragh ann fhathast mu sheasmhachd an Euro. Dh'èirich aon ìre aig a bheil an Spàinn a' gabhail airgid air iasad gu còrr is 7% sa mhadainn an-diugh. 'S ann nuair a ruig ìre na Grèige 7% a chaidh co-dhùnadh taic-airgid a thoirt don dùthaich sin.

Loidhne-rèile

Tha poilis a' rannsachadh milleadh air pàirt den loidhne-rèile ann an Siorrachd Obar Dheathain agus coltas ann gun deach a dhèanamh a dh'aona-ghnothaich. Thuirt Poilis Còmhdhail Bhreatainn gun tug dràibhear trèana dhan aire an-raoir gun deach pàirt den loidhne a mhilleadh faisg air Sròn na h-Aibhne. Thug sin buaidh air na h-uidhir de sheirbheisean trèana na maidne an-diugh, agus tha dùil gum bi ùine mhath den là an-diugh fhathast ann mus fhosgail an loidhne a-rithist.

Bun-sgoil Chille Mhoire

Tha pàrantan aig Bun-sgoil Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach am beachd fianais a thogail taobh a-muigh na sgoile feasgar an-diugh. Tha iad ag iarraidh tidsear Beurla air cùmhnant làn-ùine 's iad ag ràdh gu bheil seachdnar thidsear air ùr-thrèanadh agus air bliadhna pròbhaidh air a bhith san sgoil airson seachd bliadhna sreath a chèile.

Uibhist a Tuath

Tha Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath airson dà chrann-gaoithe a thogail a bheireadh còrr is £150,000 air ais dhan choimhearsnachd thairis air 15 bliadhna. Cumaidh iad sreath de choinneamhan poblach sna beagan sheachdainnean ri tighinn airson beachdan an t-sluaigh fhaighinn. Ach feumaidh iad cead an toiseach ceangail ris a' Ghriod Nàiseanta mus fhaigh iad airgead air iasad bho na bancaichean airson an sgeama a chur air adhart.

Rangers

Dhearbh Prìomh Lìog Bhuill-choise na h-Alba an-diugh gun d'fhuair iad tagradh bho Rangers airson àite san Lìg mar chluba ùr. Chaidh geamaichean seusain ùir an SPL fhoillseachadh sa mhadainn an-diugh gun sgeul air Rangers, agus 's e an t-ainm Club 12 a th' air an liosta. Cha deach co-dhùnadh fhathast dè am peanas a bhios ann airson suidheachadh ionmhais Rangers agus am bi àite dhaibh san SPL. Chan eil fios nas motha an e Dùn Phàrlainn a chaidh sìos bhon SPL, air neo Dùn Dè a bha san dàrna h-àite sa Chiad Roinn, a bhiodh anns an SPL mur a faigh Rangers àite ann air an ath-sheusan.