Uain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Draghan mu phrìsean nan uan

18 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha coltas ann gun tig prìs nan uan a-nuas am bliadhna air sàillibh staing eaconamach na Roinn Eòrpa.

Le cuibhreann mòr de dh'uain na h-Alba gan cur a-null thairis, tha dùil gun toir an troimh-chèile ann a Sòn an Euro buaidh air maragaidhean.

Ach, le 2 neo 3 mìosean ann fhathast mus bi croitearan na Gàidhealtachd 's nan Eilean deiseil airson an cuid bheathaichean a reic, tha dòchas ann nach bi an t-ìsleachadh cho mòr sin.