Tha plana ann son dà chrann-gaoithe an Uibhist a Tuath

Crainn-gaoithe Image copyright PA
Image caption Tha dà chrann-gaoithe san amharc an Uibhist a Tuath.

Tha Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath airson dà chrann-gaoithe a thogail air an Eilean.

Dh'fhaodadh a' choimhearsnachd £150,000 fhaighinn thar 15 bliadhna, tha iad ag ràdh.

Tha am plana an eisimeil iad cead fhaighinn ceangail ris a' Ghriod Nàiseanta - rud a dh'fheumte airson airgead fhaighinn bhon bhanca.

Thèid sreath de choinneamhan poblach a chumail air feadh na sgìre airson beachdan daoine a chruinneachadh.

Bhiodh na crainn air an togail faisg air ceann-rathaid Loch Euphort, ach, mar a mhìnich an Comh. Uisdean Robasdan bhon chompanaidh leasachaidh, cha bhi iad buileach far an robh dùil an toiseach.

Thuirt e gum b'fheudar an gluasad leis gun robh a' chiad làrach san rathad air siognal eadar Cleitreabhal agus an ionad-dealain ann an Loch Euphort, 's gum feum iad sgrùdadh as ùr a dhèanamh air sin.

Airgead

Tha a' chompanaidh leasachaidh am beachd iarrtas a chur chun a' Chrannchuir Nàiseanta airson pàirt den airgead airson na crainn a thogail.

Dh'fheumte a dhol gu na bancaichean cuideachd airson an airgid, 's tha na h-uidhir de chumhaidhean an cois an airgead sin fhaighinn.

Bhiodh a' mhòr-chuid den airgead a dheadh a thogail sa chiad 15 bliadhna dhen phròiseact a phaigheadh air ais gu na bancaichean, ach sna deich bliadhna às dèidh sin, thigeadh a h-uile sgillinn dhan choimhearsnachd.

Thathas a' feitheamh fhathast air cead-dealbhachaidh, 's iad air sgrùdadh a dhèanamh air leithid biastan-dubha, eòin agus làraichean arc-eòlais mar phàirt dheth sin.

Mhìnich an Comh. Robasdan gu bheil na bancaichean airson tuairmse fhaighinn air neart na gaoithe sna h-àiteachan anns am bi na crainn air an stèidheachadh.

Tha a' chùis cuideachd an eisimeil cead fhaighinn ceangail a dhèanamh ris a' Ghriod Nàiseanta anns an sgìre.

Duilgheadas

Thuirt an Comh. Robasdan gur e an ceangal sin an duilgheadas as motha a tha man coinneimh an-dràsta.

Tha an càbal eadar Loch a' Chàrnain agus an t-Eilean Sgitheanach air a ghabhail an-àirde cha-mhòr gu lèir, thuirt e, ged a tha dòchas ann gur dòcha gun atharraich sin sna beagan mhìosan a tha romhainn.

Thuirt e ge-tà, nach tig airgead bho na bancaichean às aonais an dearbhaidh fhoirmeil sin air ceangail ris a' Ghriod.

Thathas a' dol a chumail sreath de choinneamhan air feadh na sgìre a thoirt fiosrachaidh do mhuinntir an Eilein mu na tha san amharc aca.