Soitheach gu Siria ga stad far chosta na h-Alba
- Air fhoillseachadh

Chuireadh stad air soitheach a tha fo amharas a bhith a' giùlain armachd Ruiseannaich gu Siria, far chosta na h-Alba.
Chaidh an t-àrachas aig an MV Alaed a tharraing leis an Standard Club ann an Lunnainn, agus iad ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu na tha i a' giùlain.
Thathas den bheachd gu bheil i a' giùlain heileacoptairrean Ruiseannach a th' air an ùrachadh, airson an cleachdadh le Riaghaltas Shiria.
Chan fhaod an soitheach seòladh càil nas fhaide gus an tèid an t-àrachas a chur air ais.
Thathas a' tuigsinn gun deach stad a chur air an iar air na h-Eileanan an Iar.
Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèine 's a' Cho-Fhlaitheis nach robh e soilleir a-nis càite an tèid an soitheach.
Cha tuirt Ambasaid na Ruis ann an Lunnainn dad mun chùis aig an ìre seo.
Tha an dà chuid Breatainn agus na Stàitean Aonaichte air draghan a thogail ri Riaghaltas na Ruis mu bhith a' reic armachd ri Riaghaltas Shiria.
Chuir an t-Aonadh Eòrpach (AE) bacadh-malairt armachd air Siria, ri linn dragh gu bheil arm an Riaghaltais air a bhith air cùlaibh muirt shìobhaltach san dùthaich, anns a bheil ar-a-mach a' dol air adhart.