Sgeama Spadaidh nan Gèadh

  • Air fhoillseachadh
GeòidhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Tha croitearan air a bhith a' gearain mun mhilleadh a nì na h-eòin o chionn fhada.

Dh'fhaodadh gu tèid sgeama spadaidh a stèidheachadh ann an Uibhist a dh'aithghear airson smachd fhaighinn air àireamh nan gèadh.

Chuala coinneamh phoblach ann an Uibhist a Deas oidhche Luain gu bheilear a' tomhais gu bheil co-dhiù 8,000 gèadh glas a' tighinn beò san sgìre an-dràsta.

Tha dùil a-nis gun tèid cead iarraidh airson àireamh nan eun a lùghdachadh gu mòr.

Dheadh an toirt a-nuas gu 1,000 gèadh ann an Uibhist a Deas, 1,000 eile ann an Uibhist a Tuath agus 500 ann am Beinn nam Fadhla.

Chaidh na h-aireamhan sin aontachadh le Dualchas Nàdarra na h-Alba agus an RSPB.

Tha croitearan a' gearain mun mhilleadh a tha iad a' dèanamh o chionn fhada. B'abhaist na h-eòin a bhith a' tighinn dha na h-eileannan sa Gheamradh a-mhàin, ach a-nise tha iad ann fad na bliadhna.