Gearain mu iasgach sa Chuan Sgìth

  • Air fhoillseachadh
Maosgan-caolTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'fhaodadh an t-iasgach a bhith air a chasg rè ùine bhon t-Sultain.

Chuir iasgairean nan Eilean Siar gearain gu Riaghaltas na h-Alba mun àireamh de bhàtaichean iasgaich on Chosta an Ear a tha ag iasgach sa Chuan Sgìth.

Tha eagal orra nach bi cead aca an còrr mhaosgan-caola a ghlacadh às dèidh an t-Sultain am bliadhna leis mar a tha tràilearan mòra a' falbh le uidhir de na th' ann.

Thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gu bheil bliadhnaichean ann bho bha cùisean cho dona.

"Nam bheachdsa, tha mise a' faicinn a' chunnairt as motha dha iasgach nam maosgan-caola air taobh an iar Alba a th' air a bhith ann bho chionn 40 bliadhna bho chaidh an t-iasgach a tha seo a leasachadh," thuirt e.

"Ri linn, a rèir fhigearan an Riaghaltais mu dheidhinn, tha an t-iasgach a' dol a sguir aig deireadh an t-Sultain mur a tèid càil sam bith a dhèanamh mu dheidhinn.

"Tha mise air an t-uallach againne a thogail le oifigearan an sin, agus tha iad a' cumail air ais agus a' faicinn barrachd bhàtaichean a' tighinn a-steach agus chan eil iad a' dèanamh càil idir mu dheidhinn," thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad mothachail air an dragh a th' air iasgairean agus gun cum Marine Scotland sùil gheur air an t-suidheachadh faic an e trioblaid a th' ann a mhaireas, agus gum bruidhinn iad ri eòlaichean feuch dè ghabhas dèanamh mu dheidhinn.