Iolairean-mara "a' dèanamh cron air an àrainneachd"

Iolaire-mhara Image copyright RSPB
Image caption Thugadh na h-eòin air ais a dh'Alba à Nirribhidh anns na 70an.

Tha na h-iolairean-mara a thug luchd-glèidhteachais air ais a dh'Alba an dèidh dhaibh a dhol à bith a' milleadh àrainneachd nàdarra na dùthcha, a rèir chroitearan air taobh siar na Gàidhealtachd.

Tha na croitearan air a bhith a' gearain bho chionn fhada gu bheil na h-iolairean a' falbh la uain.

Ach tha cuid de chroitearan a' cumail a-mach a-nise gu bheil iad cuideachd a' cur às do dh'eòin eile nach fhaicear tuilleadh ann an cuid de sgìrean.

Tha iad a' fàgail air Dualchas Nàdarra na h-Alba gu bheil an dìon a tha iad a' cur air na h-iolairean-mara a' dol calg-dhìreach an aghaidh an dleastanais a th' orra a thaobh nàdair san fharsainneachd.

An t-Iasgach

Tha Dàibhidh Foibeis na chroitear ann an Dùthaich MhicAoidh, agus tha esan a' faicinn lùghdachaidh anns an fhiadh-bheatha eile san sgìre, 's e a' coireachadh nan iolairean-mara.

"Mhothaich mi, bha uair a bha mòran leargan caola san sgìre seo. Tha iadsan air a dhol à fianais," thuirt e.

"Bha àireamh bheag de ghuilbnich, mu shia no seachd de ghuilbnich san loch agus cha robh ann ach aonan air fhàgail.

"Nuair a choimheadas tu anns na leabhraichean mu iolairean-mara, tha dealbh ainmeil bhon 18mh Linn de dhà iolaire-mhara a' toirt ionnsaigh air learga chaoil.

"Agus tha e air aithneachadh gun toir iad ionnsaigh air eòin-uisge a tha leotha fhèin," thuirt e.

Bho shealladh Dhualchas Nàdarra na h-Alba (SNH), chan urrainn gu bheil na h-iolairean-mara a' dèanamh cron air an àrainneachd, leis gun robh iad mar phàirt dhith o shean.

Chaidh an tè mu dheireadh dhiubh ann an Alba a mharbhadh ann an Sealtainn ann an 1918.

"Tha iolairean-mara dùthchasach do dh'Alba, ach chaidh iad à bith air sgàth geur-leanmhainn le daoine," thuirt Emily Edwards bho SNH.

"Agus a-nist aig ìre eadar-nàiseanta, tha iad ann an cunnart, tha na h-àireamhan aca air a bhith a' tuiteam.

"Mar sin, tha dleastanas laghail air Alba a bhith a' cur taic riutha," thuirt i.

Tha Mgr Foirbeis ge-tà, a' dol an aghaidh an dà chuid reusanachadh agus rannsachadh SNH.

Tha esan ag ràdh gun robh cùisean gu math eadar-dhealaichte nuair a bha iolairean-mara an seo mu dheireadh, agus iasg ann a bhiodh gan cumail a' dol, nach eil ann a-nise.

Tha sin a' fàgail, tha e ag ràdh, gur e uain agus eòin eile a tha iad ag ithe.

"'S e eun gu math sùbailte a th' ann, a ghabhas ris na cothroman a th' anns an àrainneachd airson tighinn beò - mar a tha an teòraidh aig Darwin ag innse dhuinn.

"Cha robh an cala seo ann an Ceann Loch Biorbhaidh ann o chionn 100 bliadhna, agus bha iasg san loch - sgadan, 's adag.

"Chan eil an sgadan 's an adag ann tuilleadh. Bidh na h-iasgairean an seo a-nis ag iasgach an iar air Leòdhas, a-mach mu Hiort 's Ròcabarra.

'S e àrainneachd gu tur eadar-dhealaichte a th' ann a-nis, agus i fada nas cugallaiche.

"Ma tha eun-creachaidh agad, leithid iolaire-mhara, anns an leithid seo de dh'àrainneachd, gabhaidh e am biadh as fhasa dha a ghlacadh," thuirt e.

Chan eil SNH a' dol às àicheadh gum bi na h-iolairean ag ithe eun, ach chan eil iad a' gabhail ris gu bheil sin a' dèanamh call air àireamhan.

"Bidh iad ag ithe tòrr diofar rudan - coinneanaich agus màighich, agus bidh iad ag ithe eun-mara cuideachd," thuirt Emily Edwards.

"Rudan mar lachan agus leargan caola.

"Ach chan eil sin na phàirt cudromach de na bhios iad ag ithe, agus chan eil sinn an dùil gu bheil sin a' dol a thoirt buaidh air àireamhan nan eun-mara," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile