Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Cion-cosnaidh

Thuit àireamh a' chion-chosnaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte, mu 51,000, gu 2.6m, anns na trì mìosan bhon Ghearran dhan Ghiblean. Bha an àireamh a bha gun obair an Alba airson na h-ùine sin sìos 14,000, gu 220,000. Sin 8.2% den t-sluagh, agus an aon ìre ris an rìoghachd air fad.

Pàigheadh Àrd-Oifigich

Foillsichidh Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, planaichean an-diugh fo am bi tuilleadh smachd aig luchd-nan earrainnean air pàigheadh cheannardan agus àrd-oifigich companaidh le bhòt air a' chùis a h-uile trì bliadhna. Bhiodh dleastanas cuideachd air na companaidhean a bhith nas follaisiche mu chosnadh nan ceannardan aca.

Julian Assange

Thuirt Scotland Yard gun do bhris Julian Assange a chùmhnant-saoirse, agus gum feuch iad ri a chur an grèim. Chuir Mgr Assange, an duine a chuir an làrach-lìn Wikileaks air bhonn, an oidhche an-raoir seachad aig Ambasaid Ecuador ann an Lunnainn, agus e ag iarraidh comraich phoiliteagaich san dùthaich sin gus an seachainn e òrdugh airson a chur dhan t-Suain far a bheil e fo chasaid mu ionnsaigh dhrabasta air dithis bhoireannach.

TIE

Thàinig e am follais gun d'fhuair stiùirichean na companaidh TIE air an do dh'fhailich siostam trama Dhùn Èideann na ceudan mhìltean not nuair a chaidh a' chompanaidh a dhùnadh. Fhuair seachdnar stiùiriche còrr is £400,000 eadar iad. Chaidh TIE a chur ma sgaoil an dèidh àimhreit fhada chosgail eadar iad fhèin 's a' chompanaidh a bha a' dèanamh na h-obrach, rud a chuir maill còrr is bliadhna air a' phròiseact.

Bàs air na Rathaidean

Bha an àireamh de bhàs agus leòn air rathaidean na h-Alba an-uiridh aig an ìre as ìsle a chaidh a chlàradh riamh, a rèir a' chiad fhigearan bho Chòmhdhail Alba. Chaidh 186 a mharbhadh - 22 nas lugha na bh' ann ann an 2010. Ach bha an àireamh a bh' ann an tubaistean baidhseagail suas 6% aig 824, agus chaill seachdnar am beatha ann an tubaistean baidhseagail.

Legionaire's

Thèid mar a sgap an galar Legionaire's ann an Dùn Èideann a dheasbad aig Comataidh na Slàinte ann am Pàrlamaid na h-Alba an ath-sheachdain. Thèid buill den sgioba a bha a' làimhseachadh na cùise a cheasnachadh mun dàil ann a bhith a' dèanamh a-mach cò às an do dh'èirich an galar leis gun do chaill dithis am beatha.

Maosgain-chaola

Tha iasgairean nan Eilean Siar a' gearain ri Riaghaltas na h-Alba mun àireamh de bhàtaichean-iasgaich on Chosta an Ear a tha ag iasgach anns a' Chuan Sgith, agus dragh orra nach bi cead aca an còrr den mhaosgan-caol a ghlacadh an dèidh an t-Sultain leis gu bheil na tràilearan mòra a' falbh le uidhir dheth. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun aithne dhaibh dè tha a' tachairt agus gu bheil Marine Scotland a' cumail sùil air an t-suidheachadh.