Comhairle gus beachdachadh air sgoiltean

Bun-Sgoil Image copyright bbc
Image caption Tha a' Chomhairle airson na sgoiltean a dhùnadh agus iad ag ràdh nach fhiach iad am £1m a tha iad a' cosg a chumail fosgailte.

Coinnichidh Comhairle nan Eilean Siar Dicardaoin le ceist nan ceithir sgoiltean a tha iad airson a dhùnadh gu mòr air an aire.

Bha dùil gum biodh iad a' bhòtadh air dùnadh sgoiltean agus Cùirt an t-Seisein air cead a thoirt dhaibh sin a dhèanamh.

Ach bho dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun dèan iad ath-thagradh an aghaidh breith na cùirte tha cùisean air atharrachadh.

Cha bhi na sgoiltean a' dùnadh an-dràsta, rud a tha e a' toirt faochaidh do phàrantan a rinn strì son an cumail fosgailte.

Bliadhna no Dhà Eile

Nam measg tha Rhoda Chaimbeul, aig a bheil clann ann an sgoil Sheileaboist sna Hearadh.

''Tha sinn toilichte gu bheil cothrom againn daoine a thàladh a-steach leis an sgoil a bhith fosgailte," thuirt i.

Tha sin cudromach agus bha bho thùs airson Urras Taobh Siar na Hearadh.

Tha mi an dòchas gun toir e ùine dhuinn, bliadhna no dhà eile, airson sin a dhèanamh,'' thuirt i.

Chaidh a' Chomhairle gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann airson ath-bhreithneachadh cùirte fhaighinn às dèidh mar a ghairm an Riaghaltas an co-dhùnadh a-steach, 's a chuir iad casg orra bho bhith a' dùnadh nan ceithir sgoiltean.

'S iad bun-sgoiltean Sheileaboist agus Chàrlabhaigh, agus roinnean àrd-sgoile Lionail agus Shiaboist a tha fan comhair.

Tha a' Chomhairle airson na sgoiltean a dhùnadh agus iad ag ràdh nach fhiach iad am £1m a tha iad a' cosg a chumail fosgailte.

Bha a' Chomhairle airson an dùnadh deireadh na h-Ògmhios, ach cha thachair sin a-niste agus ath-thagradh bho Riaghaltas na h-Alba a' dol air athart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile