Dotairean air stailc

Stethoscope Image copyright Corbis
Image caption Bha dotairean air stailc mu dheireadh ann an 1975.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach mu 150 coinneamh dhotair a chur dheth, suas gu 80% dhuibh ann an Ospadal an Rathaig Mhòir.

San Eilean Sgitheannach tha ionadan cùraim an Ath Leathainn agus Slèite fosgailte son cùisean èiginn a-mhàin.

Bidh na trì ionadan eile, Carabost, Dùn Bheagain agus Port Rìgh, fosgailte mar is àbhaist.

Thuirt NHS nan Eilean Siar nach toir an stailc buaidh air ospadalan nan Eilean idir.

Tha an stailc a' toirt buaidh air cuid de na h-ionadan slàinte ge-tà.

Anns na h-ionadan a leanas chan fhaighear dotair ach ann an suidheachadh èiginneach: Grìminis, Ceann a Deas na Hearadh agus Ceann a' Bhàigh.