Obraichean ùra aig LifeScan Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh eadar-nàiseanta LifeScan gu bhith a' gluasad an rannsachaidh gu lèir a tha iad a' dèanamh air tinneas an t-siùcair agus air ìrean de ghlùcos fala a dh'Inbhir Nis.
Cruthaichidh am plana, a chosgas £10m, tuilleadh obraichean ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd, far a bheil còrr agus 1,000 cosnadh mar thà.
Chaidh factaraidh fhosgladh an Inbhir Nis sna 90an gus uidheamachd a thogail a dheànadh sgrùdadh air fuil dhaoine.
Bhon uair sin tha an t-ionad-rannsachaidh air fàs agus air an t-uabhas obraichean a chruthachadh gu h-ionadail.
Tha LifeScan a-nis ag ràdh gu bheil iad gu bhith a' toirt an rannsachadh, agus an obair-leasachaidh a thathas a' deànamh air feadh an t-saoghail, a dh'Inbhir Nis.
Tha seo a' tighinn 's iad air subsadaidh de mu £3m fhaighinn bho HIE, 's iad a' dol a chruthachadh 19 cosnaidhean a bharrachd.
Chaidh an naidheachd fhoillseachadh leis a' Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond, 's e aig prìomh oifisean LifeScan ann an California.