Buidheann-ghnìomha ùr ga h-iarraidh mu sgìrean glèidhte

Crann-gaoithe
Image caption Tha dùil gum bi eaconamaidh nan Eilean Siar a' crochadh gu mòr air cumhachd ath-nuadhachail a dh'aithghearr.

Dh'iarr fear de bhuill Chomhairle nan Eilean Siar gun tèid buidheann-ghnìomha ùr a chur air chois airson cur an aghaidh làraichean glèidhteachais.

Bha an Comh. Dòmhnall Crichton a' bruidhinn às dèidh coinneimh far an deach beachdachadh air a' ghnothach an t-seachdain seo chaidh.

Tha a' Chomhairle air a ràdh gu bheil cunnart ann gum mùch làraichean glèidhteachais leasachaidhean a thaobh cumhachd ath-nuadhachail san àm ri teachd, agus dùil gum bi eaconamaidh nan Eilean a' crochadh gu mòr air an leithid sin de leasachaidhean an ceann ùine ghoirid.

Shoirbhich le buidhnean-gnìomha o chionn ghoirid ann an iomairtean gus stèisean Mhaor-cladaich Steòrnabhaigh, agus Raon Rocaidean Uibhist a ghlèidheadh.

Caolas Bharraigh

Tha Mgr Crichton ag ràdh gum feumar cabhag a dhèanamh mun chùis.

"Tha mi a' smaointinn gum feum sinn feuchainn ri rudeigin a dhèanamh gu h-aithghearr," thuirt e.

"Tha an tìde nar n-aghaidh, agus tha na buidhnean àrainneachd air a bhith an aghaidh iomadach leasachaidh anns na h-Eileanan anns na bliadhnaichean a chaidh seachad.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn oidhirp a dhèanamh aig ìre àird an Riaghaltais ann an Westminster, Dùn Èideann agus anns a' Bhruiseal, airson faochadh fhaighinn dha na h-Eileanan a thaobh mar a tha na buidhnean àrainneachd a' feuchainn ri stad a chur air gnìomhachasan a tha sinn a' feuchainn ri cur air adhart.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn buidheann-ghnìomha a chur air dòigh mar a bh' againn airson Maoir-chladaich Steòrnabhaigh agus cuideachd airson Raon nan Rocaidean, a' toirt na Comhairle agus riochdairean freagarrach bho na gnìomhachasan cuideachd, HIE, agus na Buill-Phàrlamaid againn cuideachd, airson cur tarsainn dhan Riaghaltas an fheum a th' againn air beagan faochaidh airson feuchainn ris na gnìomhachasan cudromach againn a dhìon, agus cuideachd airson gnìomhachasan ùra a thoirt air adhart.

"Gus nach bi iad air an cumail air ais leis an iomadach duilgheadas a tha sinn a' faighinn bho bhuidhnean àrainneachd," thuirt e.

Tha an Comh. Dòmhnall Manford ag iarraidh coinneachadh ris an t-Seansalair, Seòras Osborne, mun ghnochach, às dèidh mar a thuirt esan aig àm a' Bhuidseit gum feumar bacadh a chur air buidhnean glèidhteachais.

Thuirt Stiùiriche Dhualchas Nàdarra na h-Alba (SNH) airson Earra-Ghàidheal agus Innse Gall, Dàibhidh MacIllInnein, gum faodar làraichean glèidhte a leasachadh fhad 's nach tèid cron a dhèanamh air na nithean nàdarra a tha iad a' dìon.

Dh'ainmich e mar eisimpleir tuathanas bradain a chaidh a cheadachadh ann an Caolas Bharraigh, agus tuath-gaoithe a' Phentland a thèid a thogail air làraich ghlèidhte.

Thuirt e gu bheil e deònach bruidhinn ris a' Chomhairle agus luchd-leasachaidh mu na sgìrean a bu fhregarraiche agus gu bheil e den bheachd gum bi àite mòr aig na h-Eileanan ann a bhith a' coinneachadh amasan an Riaghaltais a thaobh cumhachd ath-nuadhachail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile