Amharas às dèidh naoi teintean sa Ghearraidh Chruaidh

  • Air fhoillseachadh
Fear-smàlaidhTùs an deilbh, BBC ALBA
Fo-thiotal an deilbh,
'S e seo an naoidheamh turas ann an cola-deug a bha teine sa Ghearraidh Chruaidh.

Tha amharas ann gun deach teintean a th' air a bhith a' sgapadh anns a' Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh a thòiseachadh a dh'aona-gnothaich.

Bha Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, ag ràdh gu bheil e annasach gun do thòisich ceithir teintean ann an àiteachan gu tur eadar-dhealaichte.

Tha naoi teintean air a bhith anns an sgìre bhon 8mh là den Ògmhios.

Tha luchd-smàlaidh fhathast a' feuchainn ris an teine mu dheireadh a sgap a chur às.

Chaidh carbad-smàlaidh à Steòrnabhagh a-mach anns a' mhadainn an-diugh agus teine fhathast ann an corra àite.

Thuirt Bòrd-Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gun dèan iad rannsachadh leis na Poilis agus an t-uachdaran cho luath 's a ghabhas, gus dearbhadh ciamar a thòisich na teintean.