Dh'fhaodar Gaeltacht na h-Èireann a lùghdachadh

Soidhne air crìoch na Gaeltachta Image copyright Údarás na Gaeltachta
Image caption Tha an Ghaeltacht scapte eadar seachd contaidhean anns a' Phoblachd.

Fo Bhile ùr Riaghaltais ann an Èirinn, bidh cumhachd aig Ministear na h-Ealain, an Oideachais agus na Gaeltachta sgìrean a chaitheamh a-mach às a' Ghaeltacht oifigeil mur a cuir iad plana cànain an gnìomh.

Nochd an naidheachd anns a' phàipear-naidheachd Ghaeilge Gaelscéal.

Tha sgìrean sgapte air feadh na Poblachd a chaidh a chomharrachadh ann an 1927 mar àiteachan sa bheil a' Ghaeilge na prìomh chànan coimhearsnachd.

'S ann tro mheadhan na Gaeilge a tha a h-uile sgoil nàiseanta sna sgìrean Gaeltachta ag obrachadh, agus gu teicnigeach tha prìomhachas aice ann am beatha phoblaich.

Tha dragh air a bhith ann o chionn fhada mu lagachadh a' chànain sna sgìrean seo, agus bhiodh aig buidhnean den phobal ann an 19 sgìrean ri planaichean cànain ullachadh agus a chur an gnìomh fon Bhile ùr.

Chan eil dùil gun tèid sgìre sam bith a chur a-mach às a' Ghaeltacht ge-tà, a' chiad ghreis co-dhiù, agus beagan bhliadhnaichean gan cur mu choinneimh gach buidhne airson am plana ullachadh.

Tha buannachdan sònraichte stèidhichte san lagh airson nan sgìrean a tha taobh a-staigh na Gaeltachta.

Tha An Ghaeltacht (thugadh am facal Gàidhealtachd a-steach on Ghàidhlig airson nan sgìrean) sgapte eadar contaidhean Chorcaí, Ciarraí, Gaillimh, Maigh Eo, Dún na nGall, Port Láirge agus Contae na Mídhe.

Tha oidhirpean ann ge-tà, cuid de sgìrean eile a chur ris a' Ghaeltacht, leis an cànan ag èirigh am measg luchd-ionnsachaidh, agus - ann an corra shuidheachadh - na th' air fhàgail de shluagh Ghàidhealach.

A rèir a chunntais-shluaigh mu dheireadh ann an 2006, tha 91,862 duine a' fuireach ann an sgìrean Gaeltachta (2.1% de shluagh na Poblachd), ged a tha gu leòr dhiubh sin nach bruidhinn a' Ghaeilge.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile