Taisbeanadh dhealbhan eachdraidheil

Inbhir Nis Image copyright RCAHMS (Aerofilms Collection)
Image caption Baile Inbhir Nis ann a 1947

Chaidh làrach-lìn ùr, Britain from Above, a chur air bhog Diluain a tha toirt dhuinn seallaidhean àlainn dhen dùthaich bho chionn còrr is 50 bliadhna.

Chaidh còrr air millean dealbh a thogail bho itealain leis a' chompanaidh Aerofilms - companaidh a chaidh a chur air chois le dithis phìleat a bha anns a' Chogadh Mhòr - FL Wills agus C Grahame-White.

'S ann aig Wills a bha an t-eòlas a thaobh a bhith a' togail dhealbhan bhon adhar agus bha Grahame White fìor mhath air stiùireadh itealain - 's e a' chiad Shasanach a shoirbhich leis an deuchainn Aero Club De Paris agus ceithir mìosan às dèidh sin 's e a bha na phìleat son na ciad sheirbheis oidhche eadar Lunnainn is Manchester.

Obair Ghlèidhidh

Bha an dithis seo fìor eòlach air a bhith a' sgèith gu math faisg air an talamh - rud a bha gu math cunnartach - ach 's e seo a thug dhuinn na dealbhan prìseil.

Ann an 2007 chaidh na dealbhan aig Aerofilms a cheannach son na dùthcha agus le diofair bhuidhnean ag obair còmhla, chuireadh iad ann a cruth didseatach, gus am faicear iad a-nis an asgaidh air-loidhne.

Dealbhan Eachdraidhe

'S ann eadar 1919 agus 1953 a chaidh na dealbhan a thogail, agus bha cuid aca gu math fann, ach le obair ghlèidhidh, tha iad a-nise sàbhailte agus thathas an dùil ro dheireadh 2014 gum bi 95,000 dealbh ri fhaicinn air an làrach-lìn.

AtharrachaidheanMòra

Thuirt Ceannard Foghlaim aig Coimisean Rìoghail Làraichean Eachdraidheil na h-Alba, Rebecca Bailey, gun robh na dealbhan seo a' sealltainn eachdraidh Bhreatainn thairis air an linn a chaidh seachad agus mhol i na daoine a thog na dealbhan son an sgil a bh' aca - sgilean a dh'ionnsaich iad sa Chogadh Mhòr.

"Eadar 1919 agus 1953 chunnacas atharrachaidhean mòra ann am Breatainn a thaobh chùisean sòisealta, ailtearachd agus gnìomhachasan, agus tha na dealbhan seo a' toirt dhuinn seallaidhean eadar-dhealaichte bhon àm," thuirt i.