Airgead Oighreachd a' Chrùin

  • Air fhoillseachadh
Oighreachd GhabhsainnTùs an deilbh, AP
Fo-thiotal an deilbh,
Oighreachd Ghabhsainn

Rinn Oighreachd a' Chrùin prothaid de dhà cheud is dà fhichead millean not air a bhliadhna a dh'fhalbh agus thàinig còrr's ochd millean dheth sin bho chladaichean na h-Alba.

A-reir Cathraiche Urras Oighreachd Ghabhsainn, Agnes Rennie, tha làn am cumhachdan na buidhne atharrachadh.

Ghabhadh mòran dèanamh 'sna coimhearsnachdan nam faigheadh iad an t-airgead a tha Oighreachd a' Chrùin a' cruinneachadh bho ghnothaichean mara na h-Alba, thuirt i.

Dearbhadh

''Tha e a dearbhadh an airgead a tha an luib an obair anns a bheil Oighreachd a' Chrùin a sas.

"Tha e na dhearbhadh cuideachd nam biodh sealbh aig na h-oighreachdan coimhearsneachd air na ròinntean mòra de mhìltean mara a tha sin, dè bhiodh e a' ciallachdadh dhaibh fhèin a thaobh teachd a steach agus na gabhadh a dhèanamh le sin anns na coimhearsneachdan againn.''

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn a' beachdachadh an dràsta air dà sgeama a tha a' cruthachadh dealain bho na tuinn.

Tha a' Bh-ph Rennie dhen bheachd gun tigeadh torr a bharrachd buanachd an luib na sgemaichean sin nam bitheadh sealbh aig an Oighreachd air a chuain.

Buanachdan

''A h-uile sgillinn do mhàl a thig bho na sgeamaichean, 's ann gu Oighreachd a' Chrùin a theid e.

"Chan eil càil a' tighinn dhan a' choimhearsneachd fhèin troimhn urras fhèin neo a' bhaile, ach beagan a tha a' tighinn dhan àite far an tig an dealain air tìr.

"S'mathaid nach bi sin ach rathad agus làrach taigh-dealain.

"Mar sin dheth tha doifar mòr ann eadar sealbh a bhith agad air, seach dìreach air an fhearain mar a tha againn an drasta.''