Cha ghluais Sgoil-Àraich Bharraigh

  • Air fhoillseachadh
Sgoil-Àraich Bharraigh
Fo-thiotal an deilbh,
Bha mòran ann am Barraigh a' cur an aghaidh an sgoil-àraich a ghluasad.

Chaidh dearbhadh nach bi Sgoil-Àraich Bharraigh a' gluasad tarsaing an rathaid gu togalach na sgoile ann am Bàgh a' Chaisteil.

Rinn Comhairle nan Eilean Siar conaltadh air a' chùis is iad a' moladh an sgoil a ghluasad à Ionad na Cloinne gu togalach na bun-sgoile.

Bhòt Comataidh an Fhoghlaim an t-seachdain seo chaidh ge-tà son an sgoil-àraich a chumail far a bheil i.

Oidhche Dhiardaoin aig coinneamh na làn-Chomhairle dh'aontaich comhairlichean - gun deasbad sam bith - nach gluais an sgoil-àraich.

Bha mòran ann am Barraigh air cur an aghaidh moladh na Comhairle gus an sgoil-àraich a ghluasad.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh