Ath-nuadhachadh airson Seann Bhaile

Polphail Image copyright CDK GALBRAITH
Image caption Chaidh Pol Phail a thogail bho chionn 30 bliadhna

Dh'fhaodadh gun tig ath-bheothachadh air seann bhaile air taobh siar na Gàidhealtachd as deidh dhi a dhol air a mharagaidh.

Tha Pol Phail a tha suidhichte air bruaichean Loch Fìne air a bhi falamh airson 30 bliadhna.

Chaidh am baile a' chrùthachadh anns na 1970an leis an dùil gum biodh e na dhachaidh do luchd obrach ghàradh-ola Phort a' Mhadaidh.

Ath-leasachadh

Nuair a chaidh an obair chladhach a dhèanamh airson gàradh-ola Port a' Mhadaidh ann a Earra-Ghàidheal a dhèanmh, 'se an toll bu chosgaile san Rionn-Eòrpa a bh'aig daoine air.

Ach cha dh'fhuair Port a' Mhadaidh aon chùmhnant obrach riamh 's mar sin cha deach goireasan Phol Phail a' chleachdadh riamh.

An-diugh tha e air a chuir gu feum mar acarsaid airson bàtaichean.

Image copyright CJK GALBRAITH
Image caption Chaidh luchd-ealain Graffiti a sàs anns an togalach ann a 2009

Goireasan

Bha seòmaraichean ann airson 500 luchd obrach, ionad-bìdh agus taigh-seinnse.

Tha an làrach ann a dèagh àite; fasig air Loch Fìne agus chìthear sealladh às do Mhaol Chinn Tìre.

Ann a 2009 chunnaic luchd-ealain Graffiti sgeulachd Phol Phail 's dh'fhoighneachd iad air an uachdaran an fhaodadh iad poiseact a chur air dòigh son dealbhan a thogail air feadh an àite.

Chaidh sin aontachadh 's bha mòr ga dhèanamh air an luchd-ealain son an t-àite - a bha coimhead cho truagh - a dhèanamh nas tarraingiche.

Ach le grunn dhiofar uachdarain ann a 35 bliadhna cha bhi daoine ionadail ro dhòchasach gu tig aiseirigh san aithearreachd.