BBC Naidheachdan

Coinneamh mu sheach-rathad an t-Sròim

Published
image copyrightOther
image captionBha an rathad dùinte fad ceithir mìosan ri linn na maoime-slèibhe goirid ron Nollaig.
Gheibh muinntir Loch Carrann cothrom Diluain am beachdan a chur air adhart air fuasgladh maireannach fhaighinn do shuidheachadh seach-rathaid an t-Sròim.
Bha an rathad dùinte airson cèithir mìosan sa bhliadhna ùir às dèidh mar a thàinig maoim-slèibhe a-nuas.
Cumaidh Comhairle na Gàidhealtachd taisbeanadh agus coinneamh san sgìre oidhche Luain far an tèid innse do dhaoine na roghainnean a tha mu an coinneimh.
Tha a' Chomhairle air sùil a thoirt air na h-ochd roghainnean seo cheana, ach chan eil iad càil nas saoire.
Chosgadh e còrr's £60m a' chreag os cionn an rathaid a dhèanamh agus a chumail sàbhailte, no beagan is £90m airson tunail a thogail.
Bhiodh cosgais de chòrr 's £100m an cois nan trì roghainnean eile - sin leudachadh a dhèanamh air an tunail airson maoimtean-slèibhe, an rathad a th' ann an-dràsta a leudachadh agus an rathad agus loidhne-iarainn a chur air an loch.
Cosgaidh na pròiseactan gu tur ùr - leithid an rathad a chur taobh Ghlinn Udalain £23m agus tri fichead millean not drochaid a chur eadar Port an t-Sròim agus An Sròm Carrannach.
Cha bhiodh ach cosgais de £10m thairis air 20 bliadhna an suidheachadh fhàgail mar a tha e is obair a dhèanamh nuair a thig maom-slèibhe ge-tà.
Thèid taisbeanadh a chumail ann an Talla Coimhearsnachd Loch Carrann eadar 3:00f agus 7:00f, leis a' choinneamh fhèin a' tòiseachdainn aig 7:00f.