BBC Naidheachdan

Bann-leathann ga leasachadh le £120m

Published
image copyrightReuters
image caption'S ann tro chàbalan mara is càbalan fo-thalamh a thèid an leasachadh a dhèanamh.

Thèid £120m a chosg air a bhith a' leasachadh a' bhann-leathann air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.

Thèid an taic-airgid fhoillseachadh Diluain le Rùnaire a' Bhun-Structair, Ailig Neill.

Tha esan ag ràdh gum faigh gnìomhachasan agus dachannan ann a sgìrean dùthchail buannachd bho bhann-leathann luath.

Bidh seo air a dhèanamh comasach tro chàbalan mara is càbalan fo-thalamh.