Ailig Seòras MacAoidh, Taobh Mhealnais

Ailig Seòras MacAoidh
Image caption Bha Ailig Seòras MacAoidh air an rèidio agus an telebhisean gu tric 's e a' bruidhinn ann an dualchainnt làidir Dhùthaich MhicAoidh.

Tha Gàidheil Dùthaich MhicAoidh a' caoidh fir de an àireamh bheag aig an robh dealas dha-rìribh don Ghàidhlig.

Theirig Ailig Seòras MacAoidh aig aois 90 air an t-seachdain seo chaidh, agus leis chaidh tomhais mhath de dhualchas Ghàidhealach fìor cheann a tuath tìr mòr na Gàidhealtachd a chall.

Rugadh e ann an Taobh Mhealnais - Taobh Mheanlais mar a threireadh e fhèin - ann an 1922, agus 's ann am baile beag Sgianaid a chuir e seachad a' chuid mhòr de a shaoghal.

Nuair a chaidh e don sgoil ann an Taobh Mhealnais, 's ann tron Bheurla a bha an teagasg, agus gheibheadh iad an tabhs nam bruidhneadh iad Gàidhlig, ged a b'i cainnt na dachaigh aig an àm san sgìre. Cha do chuir e a chùl ris a' chànan - agus gu sònraichte dualchainnt tearc Dhùthaich MhicAoidh - leis an do thogadh e fhad 's a bu bheò e.

Sgeulachdan Traidiseanta

Fhuair e a' chiad obair an lùib a bhith a' togail an rathaid timcheall Loch Eireaboill. B'fheudar dha innse gun robh e 18 airson an obair fhaighinn, ged nach robh e ach 16 aig an àm.

Chaill e athair aig aois 17, air dha tighinn far eich faisg air a dhachaigh. Dh'fhàs a mhàthair tinn às dèidh sin, agus b'fheudar do dh'Ailig Seòras fuireach aig an taigh agus a' chroit obrachadh 's e a' coimhead às a dèidh.

Bha ùidh shònraichte a-riamh aige ann an obair an fhearainn, agus comas air leth mar chlachair, a' togail fiù 's garaids air cùl an taighe le cloich thioraim.

Chuir e treis seachad san arm faisg air deireadh an Dàrna Cogaidh, 's e stèidhichte ann an Siorrachd Inbhir Àir.

Às dèidh bàs a mhàthar, thachair e ri Flòraidh NicAoidh, agus phòs iad ann an 1953. Thog iad le chèile mac Fhlòraidh, Seòras Eideart, mar leas-mhac.

A thuilleadh air a bhith ag obrachadh na croite, bha e treis ri obair an Hydro ann an Loch Abair, mus do thill e a Thaobh Mhealnais gu obair mar chìobair air tac a' bhaile.

Theirig a bhean Flòraidh gu h-obann ann an 1994, agus 's e buille mòr a bh' ann do dh'Ailig Seòras, leis gun robh an dithis gu math dlùth.

'S minig a bha e air Radio nan Gàidheal, agus air BBC ALBA, agus e a' bruidhinn mu dhualchas na sgìre aige.

Bha bàrdachd Rob Duinn MhicAoidh air a theangaidh, agus eòlas air sloinntearachd dhaoine san sgìre.

'S ann sa Ghàidhlig a dh'innseadh e sgeulachdan traidiseanta do dhaoine aig an robh ùidh - co-dhiù thuigeadh iad i gus nach tuigeadh - agus cha toireadh e dhaibh iad sa Bheurla gus an robh iad air a' Ghàidhlig a chluinntinn bhuaithe.

Tha e a' fàgail ogha agus ban-ogha - Alasdair agus Kathleen.

(Taing do Ghraeme MacAoidh, agus do Kathleen Chamshron - ban-ogha Ailig Sheòrais - airson an fhiosrachaidh).