Misneachd aig pàrantan Sheileaboist
- Air fhoillseachadh

Bhòt a' Chomhairle gu bheil iad fhathast airson an sgoil a dhùnadh.
Thuirt pàrantan Sgoil Sheileboist gu bheil iad air am misneachadh gum bi an sgoil aca fosgailte airson co-dhiù bliadhna eile.
Aig coinneimh ann an Seileabost oidhche Luain bhruidhinn pàrantan mun cho-dhùnadh bho Chomhairle nan Eilean Siar an t-seachdain seo chaidh gun dùin an sgoil san Ògmhios 2013.
Tha an dùnadh sin fhathast an urra ri ath-thagradh bho Riaghaltas na h-Alba mun chùis ge-tà.
A dh'aindeon na bhòta gus an sgoil a dhùnadh an ath-bhliadhna tha pàrantan a-nise an dòchas taic fhaighinn bhon Chomhairle.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh