Tòisichidh leasachadh an A9 tràth

A9
Image caption Chosg e còrr air £10m an A9 aig a' Chrùban Mhòr a dhèanamh dà-fhillte.

Tòisichidh an obair gus an A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte air fad nas tràithe na bha dùil.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tòisich an leasachadh ro 2015 - seach 2017 - ach cha tèid an obair a chrìochnachadh gu 2025, mar a chaidh gealltainn mar thà.

Tha timcheall air 80 mìle den A9 eadar an dà bhaile nach deach a dhèanamh dà-fhillte fhathast.

Cosgaidh an obair £3bn gu lèir.

Leasachadh

Tòisichidh an obair le leasachadh eadar Ceann na Creige agus Dail Radaidh, deas air an Aghaidh Mhòir.

Bheir Rùnaire a' Bhun-structair, Ailig Neil, tuilleadh fiosrachaidh seachad Dimàirt.

Tha Riaghaltas na h-Alba air £50m a chosg air an A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis cheana.

Cosgaidh iad £220,000 air leasachaidhean ann am Bearghadal ann an Gallaibh cuideachd.

Tubaistean

Sheall àireamhan a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba bho chionn ghoirid gu bheil barrachd dhaoine air am marbhadh air an A9 na air rathad sam bith eile anns an dùthaich.

Bhàsaich 67 duine ann an tubaistean air an A9 eadar 2006 agus 2010.