BBC Naidheachdan

Seirbheisean aiseig ùra do na h-Eileanan

Published

Tòisichidh seirbheis aiseig ùr eadar Tairbeart na Hearadh agus Ùige san Eilean Sgitheanach Là na Sàbaid seo tighinn.

Tha seo air fearg a chur air feadhainn a tha an aghaidh seòlaidhean air an t-Sabaid, agus iad ag ràdh nach do rinn Cal Mac co-chomhairleachadh gu leòr leis a' choimhearsnachd mun chùis.

Tha Cal Mac a' dol às àicheadh sin.

Bidh seirbheisean a bharrachd gu Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath cuideachd, a' tòiseachadh Dihaoine.