Taic do Mharina an Òbain

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid air taic a chur ri planaichean airson marina a stèidheachadh san Òban.

Tha comhairlichean an dòchas gum bi buannachdan mòra an lùib an leasachaidh a bhios comasach air 60 bàta a ghabhail.

Bhiodh marina ann far am faodadh bàtaichean fuireach greiseag, àite connaidh agus àite eile airson bàtaichean beaga mu choinneamh Sràid Sheòrais.

Tha dòchas ann mun phròiseict.

Thuirt an Comhairliche Louise Glen Lee gu faodadh am marina piseach mòr a thoirt air an Òban.

Tha i dhan bheachd gu faodadh an t-Òban a bhith nas trainge na port sam bith eile an Alba.