Airgead do Leòdhas

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun toir iad £1.6m seachad airson Caisteal Leòdhais a leasachadh agus gun cosg iad £2m air Gàradh Àranais.

Chuir Ball Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd.

Bha Alasdair Allan BPA ag ràdh nach fhada a-nis gus am bitear deiseil Caisteal Leòdhais a leasachadh is taigh-òsta agus taigh-tasgaidh a dhèanamh dhe.

Nì sin feum mòr do thurasachd, a rèir Mhgr Allan.

Thuirt Maighstir Allan cuideachd gum bi an t-airgead a tha a' dol gu Àranais a' dìon a' ghàraidh.