Reservoir ga lìonadh

Tha an reservoir airson sgeama hydro Ghlinn Dotha le SSE ga lìonadh mus tòisich obair a-rithist.

Image caption Dh'fhosgail a' Bhan-rìgh sgeama Ghlinn Dotha ann an 2009

Dh'fhosgail a' Bhan-rìgh an t-àite, a tha faisg air Cille Chuimein, anns an Og-mhios 2009, ach chaidh an obair a stad anns an Lùnasdal dhan bhliadhna sin.

Stad an obair às dèidh do chreagan tuiteam ann an tunail.

Tha dùil gun tòisich an sgeama a' cruthachadh dealain a-rithist ro dheireadh an t-samhraidh.