Cupa RJ MhicLeòid
- Air fhoillseachadh

A' chiad cho-fharpais cupa dhan t-seasan do sgiobaidhean Uibhist is Bharraigh
'S i a' chiad cho-fharpais cupa den t-seasan do sgiobaidhean Uibhist is Bharraigh.
Bidh Saints an Iochdair a' feuchainn ris a' chupa a bhuannaich iad an-uiridh a ghlèidheadh.
Rinn iadsan a chùis air Uibhist a Tuath oidhche Chiadain agus tha Barraigh a' feitheamh orra san ath chuairt a-niste.
Cuideachd Oidhche Chiadain, chaill sgioba a Chinn a Deas an aghaidh Èirisgeidh.
Coinnichidh Èirisgeidh Beinn na Fadhla 's an ath chuairt.
Bidh na geamannan sin ann Disathairne.
Cupa Samhraidh RJ MhicLeòid
27/06/12
Saints an Iochdair 8-1 Uibhist a Tuath
An Ceann a Deas 1-5 Èirisgeidh
30/06/12
Saints an Iochdair - Barraigh tbc
Èirisgeidh - Beinn na Fadhla 4:00f