Plana Nàiseanta ùr na Gàidhlig ga fhoillseachadh

Clann-sgoile
Image caption Tha am plana ùr a' cur cuideim mhòir air foghlam.

Chaidh Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig fhoillseachadh Diardaoin airson nam bliadhnaichean 2012 gu 2017.

'S e seo an dàrna plana nàiseanta a chaidh ullachadh fo Achd na Gàidhlig a chiadh tron Phàrlamaid Albannaich ann an 2005.

Tha Riaghaltas na h-Alba airson stad a chur air crìonadh luchd-labhairt na Gàidhlig ro 2021.

Bheir am plana ùr leasachadh na Gàidhlig gu ìre faisg air a' cheann-là sin, agus cuideam mòr ga chur air foghlam.

Tha Bòrd na Gàidhlig airson an àireamh de phàistean a thòisicheas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gach bliadhna a dhùblachadh gu 800 ann an 2017.

Tha iad cuideachd airson na tha de dh'inbhich ag ionnsachadh na Gàidhlig àrdachadh bho 2,000 gu 3,000.

Anns a' choimhearsnachd, tha am Bòrd airson barrachd sheirbheisean poblach fhaicinn gan toirt seachad anns a' Ghàidhlig ann an sgìrean far a bheil co-dhiù 20% den t-sluagh ga bruidhinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile