Piseach air eaconamaidh Ghallaibh
- Air fhoillseachadh

Dùinidh an t-ionad an ceann 11 bhliadhna.
Chan eil eaconamaidh Ghallaibh a' crochadh air Ionad Dhùnrath, cho mòr 's a bha i bho chionn sia bliadhna.
Tha sin a rèir aithisg ùir a chaidh iarraidh le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus a' bhuidheann Leasachadh Làraich Dhùnrath Eta.
A rèir an rannsachaidh, tha cosnaidhean a tha an urra ris an ionad san sgìre air tuiteam bho 15% gu 10%, san t-sia bliadhna mu dheireadh.
Thàinig àrdachadh cuideachd air gnìomhachasan ùra san sgìre.
Dùinidh an t-ionad an ceann 11 bhliadhna.