Cothrom air an fhearann

Dùn Chàrlabhaigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thuirt an t-uachdaran gum biodh e deònach an oighreachd a reic.

Thèid faighneachd do choimhearsnachdan Chàrlabhaigh agus Bhrèascleit ann an Leòdhas a bheil iad airson am fearann a cheannach.

Bidh coinneamh anns an sgìre an ath-mhìos.

Thuirt Cathraiche Chomann Coimhearsnachd Bhrèascleit, Coinneach MacIllInnein, gun tàinig am beachd am follais an toiseach bho chionn bliadhna.

Bha Mgr MacIllInnein ag ràdh nach b' e mì-thoileachas mun uachdaran a bh' air cùlaibh na coinneimh.

Thuirt e nach b' e droch uachdaran a bh' aca air dhòigh sam bith agus gun robh e a' faighinn air adhart còmhla ris a h-uile duine.

Bha e ag ràdh gur e prìomh adhbhar na coinneimh "faighinn a-mach an robh daoine airson a dhol air adhart le fiosrachadh fhaighinn an fhiach an oighreachd a cheannach, a bheil e comasach a cheannach, no am bu chòir dhuinn a ceannach".

Thuirt Mgr MacIllInnein cuideachd gun tuirt an t-uachdaran gum biodh e deònach an oighreachd a reic.